Dachaigh

  • A bheil thu fileanta anns a' Ghàidhlig?
  • A bheil làn theisteanas agad mar neach-teagaisg tro mheadhan na Beurla?
  • A bheil thu clàraichte le SFR le GTCS no a bheil thu airidh air làn chlàradh?
  • A bheil thu a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus ùidh agad ann an leasachadh proifeiseanta?
  • A bheil ùidh agad taic a chur ri fàs is leasachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?
Dealbh: Ag ionnsachadh air loidhne.

Cuir fios thugainn gus faighinn a-mach ciamar a thèid agad air cùrsa CPD a dhèanamh gus na sgilean Gàidhlig agad a leasachadh no gus gluasad gu teagasg tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil no san àrd-sgoil.

Tha dà chùrsa sa phrògram: Leasachadh Cànain airson Taic do Theagasg tro Mheadhan na Gàidhlig agus Cnuasachadh Sgrùdail agus Cur Pasgan ri Chèile.

'S e prògram air loidhne a tha seo, ach, ron phrògram, bidh greis-inntrigidh ann a mhaireas trì làithean, far am faighear cothrom coinneachadh ri oileanaich eile maille ri luchd-teagaisg.

Dealbh: Teagasg thairis air a' fòn.

Gheibhear barrachd taic rè a' phrògram le bhith a' dèanamh conaltradh air a' fòn leis an neach-teagaisg agad.

A bharrachd air sin, bidh luchd-comhairle ann a bheir stiùireadh is brosnachadh dhut.

Gus am prògram a leantainn, feumaidh fòn a bhith agad airson conaltradh led neach-teagaisg, agus coimpiutair airson na leanas:

  • Seòladair eadar-lìon
  • Post-dealain

Chaidh leasachadh a' phrògram a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu Mìcheal Speirs aig Sabhal Mòr Ostaig air 01471 888247 no post-dealain gu streap@smo.uhi.ac.uk